Na prionnsabalan air cùlaibh na h-aithrise-rùin sgiobalta



Tha sinn a’ leantainn nam prionnsabalan a leanas:

’S e riarachadh nan custamairean againn am prìomhachas as motha againn is sinne a’ sìor-libhrigeadh bathar-bog luachmhor tràth.

A’ cur fàilte air atharrachadh dhe na thathar ag iarraidh, fiù anmoch sa phròiseas. Cuiridh pròiseasan sgiobalta atharrachadh gu feum airson leas co-fharpaiseachd a’ chustamair,

A’ libhrigeadh bathar-bog a tha ag obair gu cunbhalach, eadar turas gach cola-deug agus turas gach mìos no dhà agus mar as giorra an t-eadaramh ’s ann as fhearr.

Feumaidh luchd-gnothachais agus luchd-leasachaidh obrachadh còmhla gach latha fad a’ phròiseict.

Tog pròiseactan le daoine brosnachail ’na theis-mheadhan. Thoir an àrainneachd is an taic dhaibh a dh’fheumas iad agus bi earbsa agad annta gun coilean iad an obair.

’S e còmhradh aghaidh ri aghaidh an dòigh as èifeachdaiche agus as tàbhachdaiche airson fiosrachadh a chur gu daoine a tha ann an sgioba luchd-leasachaidh no am broinn na sgioba fhèin.

’S e bathar-bog a tha ag obair am prìomh shlat-tomhais air an adhartas.

Tha pròiseasan sgiobalta a’ brosnachadh leasachadh seasmhach. Bu chòir gun urrainn dhan luchd-urrais, luchd-leasachaidh agus luchd-chleachdaidh sìor-chumail a’ dol aig an aon astar gu buan.

Bheir sìor-aire air barr-fhearbhas teicnigeach agus deagh-dhealbhadh piseach air an sgiobaltachd.

Tha simplidheachd -- meudachadh na h-obrach nach fheumar a choileanadh -- riatanach.

Èiridh an ailtireachd, na riatanasan is dealbhachdan as fhearr à sgiobannan a chumas rian orra fhèin.

Nì an sgioba cnuasachadh air dòighean nas èifeachdaiche gu cunbhalach agus cuiridh iad air gleus an giùlan aca fhèin d’ a rèir sin.




Till dhan aithisg-rùin